The Scotsman

O chionn 80 bliadhna – on Weekly Scotsman, 11 Dùbhlachd 1937

- DUN-MONAIDH

Thug am bàs bhuainn iomadh curaidh air a’ bhliadhna so. Is e dà laoch, is dithis a bha an ceum toisich comhairle na h-impearachd so a tha a’ tighinn fa-near dhomh an ceartair, agus bu Ghàidheil iad le chéile. Tha mi ag ciallachad­h an Ridire Iain Maca-phearsain, mar a b’fhèarr a b’ aithne dhuinn e, agus Seumas Ramsaidh Macdhòmhnu­ill.

Is e seann sgeul a tha am bàs Mhic-a-phearsain, ach tha i air a h-ùrachadh dhuinn anns na làithean so le bàs an Dòmhnullai­ch. Thoilleadh iad le chéile barrachd chlach a chur ’nan càrn na tha ’nam chomas-sa a chur ann an so. Chan e nach robh an nàimhdean aca le chéile, gu sònraichte aig an Dòmhnullai­ch; agus an nì as bochda is e gu’n robh iadsan a bha aon uair ’nan dlùth chàirdean aige, air a’ cheann mu dheireadh, an dùrachd nam biodag dha!

Chan e mo ghnothach-sa buntainn ris an aobhar air so; ach aon nì their mi: ma ghabhas e duine gu càirdean a chosnadh, glè thrice gabhaidh e sàr-dhuine gu nàimhdean a dhèanamh.

Thàinig am bàs, ged thà, agus tha dòchas gu’m fàgar an diugh gach tnù air chùl, is gu’m beachdaich sinn air Macdhòmhnu­ill mar an sàr-ghàidheal a bha ann, is aon a chuir an tuille ri àrdurram an fhine àghmhoir do’m buineadh e.

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom