The Scotsman

Òran Nollaig Gàidhlig ag amas air clàr nam prìomh òran

- Bàs Dhiùlnach

Tha sgoilearan bho Àrdsgoil Greenfauld­s ann an Comar nan Allt air clàr a thoirt a-mach le òran ùr, ’S e Nollaig a th’ ann!, agus iad ag amas air àite a ghleidhead­h ron Nollaig air clàr nam prìomh òran a thèid a luchdachad­h a-nuas ann an Alba.

Tha an còmhlan Làn Chomais air òran roc Gàidhlig a thoirt a-mach a sgrìobh Kevin Rodgers, an tidsear Gàidhlig aca ann an Àrd-sgoil Greenfauld­s. A bharrachd air a’ chòmhlan fhèin, cluinnear còrr is 1,000 guth eile a’ seinn pàirt den òran. Fhuair an còmhlan taic bho sgoilearan eile na h-àrd-sgoile agus bho sgoilearan Bhun-sgoil Chondobhra­it is Bhun-sgoil Baird Memorial san aon sgìre.

Thuirt Mgr Rodgers, “Tha sinn air a bhith a’ sireadh dòigh gus sealltainn gu bheil daoine òga beothail againn an seo le Gàidhlig agus gu bheil Gàidhlig ga cleachdadh air feadh na dùthcha. Fhuair sinn taic bho Bhòrd na Gàidhlig agus Comhairle Lannraig a Tuath gus an t-òran seo a chlàradh agus a thoirt a-mach agus tha sinn an dòchas gum faigh an t-òran àite air clàr nam prìomh òran a tha rin luchdachad­h a-nuas agus gun seall seo gu bheil Gàidhlig ann an Lannraig a Tuath a cheart cho cudromach ri Gàidhlig ann an àite sam bith eile ann an Alba.”

Thuirt Jessica Muir, f ìdhlear sa chòmhlan, “Tha sinn air leth toilichte gun d’ fhuair sinn an cothrom a bhith ag obair aig an ìre seo. Tha e na fhìor thoileacha­s a bhith a’ brosnachad­h ar cànain tro rud a tha a’ còrdadh rinn cho mòr agus tha e cudromach gun toir sinn fios do dhaoine gu bheil daoine òga anns an sgìre seo aig a bheil Gàidhlig cuideachd.” Tha ’S e Nollaig a th’ ann! le Làn Chomais ri fhaighinn air itunes, Amazon, Google agus Spotify.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom