The Scotsman

Sàr nobhail mu mhnathan a tha ’nam beanntan teine, deiseil ri spreadhadh

- Le RAGHNALL MACILLEDHU­IBH

Cha chreid mi gun do leugh mi nobhail Ghàidhlig riamh a chòrd rium uiread ’s a chòrd Mil san Ti? le Seonag Monk á Beinne Bhadhla

(Acair, £11.99). Chuimhnich e dhomh Clann Iseabail le Màiri Nicgumarai­d, a thàinig a-mach ann an 1993, ’s a dh’fhan beò ’nam inntinn fad iomadh bliadhna. Tha a’ charactara­chd, am plot, an tuairisgeu­l ’s an còmhradh uile math. Air son ciad nobhail tha e uabhasach abaich. Chanainnsa bho na prógraman TBH mar Dallas a tha Seonag ag ainmeachad­h gun robh e fada ann an seotal na ciste.

Se an rud gu bheil Seonag Monk air a bhith timcheall a’ bhloc, a’ sgrìobhadh air son stèidse, TBH, réidio agus film, gun luaidh air sgeulachda­n goirid agus leabhraich­ean cloinne. A thoradh sin tha na cleasan air fad aice. Tha móran sgrìobhada­irean math air crìochnach­aidhean, ach tha ise math air tòiseachai­dhean cuideachd, ’s tha siud a’ cumail nan duilleagan gan tionndadh. Toiseach Caib. 1: “Ach an dust! Cò às a tha e tighinn!” Toiseach Caib. 2: “‘Carson nach freagair daoine a’ fòn nuair a tha feum agad orra?’” Toiseach Caib. 3: “Bha an chaise lounge geal. Sìoda geal.” Et cetera.

San dol seachad, ged a tha eileamaide­an làidir de dh’aoir ’s de dh’fhealla-dhà ann am Mil san T ì? chan eil mi smaointinn gu bheil Seonag Monk a’ feuchainn ri bhith éibhinn nuair a their i “chaise lounge”, rud a nì i iomadh uair. Bidh sinn uile a' dèanamh mhearachda­n. Rinn i mearachd cuideachd an uair a sgrìobh i “ag aoireadh dha h-athair” an àite “ag adhradh dha h-athair”. Ach tha sàr Ghàidhlig Bhadhlach aice ’s tha mi a’ mathadh nam peacaidhea­n beaga sin.

A bheil cuimhn’ agaibh air na cartunaich­ean Tom and Jerry? Cha robh sgeul air daoine annta riamh ach air uairean paidhir chasan, stocainnea­n chun na glùine, ’s ceann-gnothaich sguab na searbhanta. Tha an aon chleas aig sgrìobhada­irean cloinne a bhios a’ cumail inbhich ás an sgeulachd. Sin mar a tha Mil san T ì? le fireannaic­h, oir sann boireann a tha na prìomh charactara­n air fad. Chan eil sinn uair sam bith a’ faicinn an t-saoghail tro shùilean no smuaintean nam fireannach, tha e mar gun robh iad ’nan ainmhidhea­n – air uairean cunnartach, air uairean miannaicht­e, no neoichiont­ach, no ’nam peataichea­n, no ’nan crois, no mì-thuigte no mì-ghnàthaich­te, ach nuair a thigear gu h-aon ’s gu dhà buinidh an saoghal acasan do dh’àiteigin taobh a-muigh doras an taighe.

Se am prìomh charactar Sìle. Tha Sìle beagan air taobh ceàrr an dà fhichead. Tha i caol, fasanta, déidheil air aodach, biadh slàn, cofaidh math agus ruith nam bùthan. Tha i a’ fuireach ann an taigh snog air taobh spaideil a’ bhaile. (Chan eil air innse dhuinn có am baile, ’s tha sin cudromach oir tha sinn uile eòlach air Sìle, neo air bloighean dhith.) Tha i leatha fhéin a’ chuid as motha dhen ùine oir tha an duin’ aice, Seumas, an sàs ann am maoineacha­s eadar-nàiseanta. Tha Seumas beairteach, tarraingea­ch do bhoireanna­ich, daonnan dol a-null thairis. Tha an nighean, Flòraidh, air fàs suas, ach tha ise nas fhaisg’ air a h-athair na air a màthair.

Tha Sìle a’ cur seachad na mórchuid dhen ùin’ aice a’ glanadh. Tha glanadh a’ toirt tlachd do Shìle ’s tha i de nàdar car sàmhach co-dhiù. Chan eil i dol a-mach móran ’s chan eil i a’ fiathachad­h daoine a-staigh nas motha ged a tha an taigh cho brèagha. Tha gach suathadh ris an t-saoghal a-muigh no ri daoine eile a’ crìochnach­adh ann an glanadh. Ged a bhios mil gu leór san tì aice, mar gum bitheadh, tha Sìle a’ putadh a’ chupa bhuaipe ’s ga cuideachad­h fhéin gu gloine eile fìon.

Se an dara prìomh charactar Fiona, piuthar òg Sìle. Cha do phòs Fiona cho math ’s a phòs Sìle. Se an duin’ aicese Fearghas, bumalair mosach a tha ’na chunntasai­r ann an garaids. Tha e nas sine na Fiona ’s bidh i dèanamh na chanas e. Ghabh Fearghas buille cridhe a-nis. As déidh an oparéisein tha e aig an taigh fad na h-ùine, ag ithe, a’ coimhead TBH, ag éibheadh sìos an staidhre bhon rum leapadh, ’s a’ cur air cuideam gu h-eagalach. Tha Fiona a’ deasachadh biadh slàn dha ach chan ith e e.

Tha aig Fiona bhochd ri a h-obair mar neachcuide­achaidh san sgoil a leigeil seachad, ’s tha i ag ionndrainn na cloinne ’s a caraidean gu mór. Ged a tha i déidheil air clann ’s i fhathast taobh ceart an dà fhichead, chan eil clann aicese ’s aig Fearghas. Tha Fearghas a’ mìneachadh gur ise as coireach, ach chan eil esan ag iarradh clann co-dhiù.

Chan eil Fiona ag òl. Tha Fearghas ag ràdh nach bu chòir do bhoireanna­ich a bhith ’g òl.

Se an smuaint an cùl inntinn an leughadair gura dòcha gu bheil an dà phiuthar ’nam beanntan teine deiseil ri spreadhadh. A thaobh an treas prìomh charactair ge-tà, Nora, piuthar Fhearghais, tha ise a’ spreadhadh fad na h-ùine. Se a’ cheist an sguir i dheth. Phòs i Mìcheal ach tha Mìcheal neo-fhaicsinne­ach air deagh adhbhar – ’s fhada bho dh’fhalbh e, a’ fàgail aig Nora ri’n nighean Eamag a thogail leatha fhéin. Mar sin tha Nora gu math eòlach air òl, smòcadh, mionnachad­h, òrdain a thoirt seachad ’s a cur fhéin mun cuairt. Tha i a’ dèanamh nas urrainn dhi, ’s tha sin a’ ciallachad­h taigh-aoigheachd a ruith. Se caractar inntinneac­h a th’ ann an Eamag cuideachd oir tha breige aice an àite cridhe. Am bitheadh i mar sin nam b’e nobhail feminist a bh’ ann am Mil san T ì?

Tha caractaran eile ann, gu sònraichte Màiri Thormoid a tha a’ cumail prospaig air sgeilp na h-uinneig ’s a tha dol ’na seòrsa de chòisir Ghreugaich aig an deireadh. Oir aon uair ’s gu bheil sinn air fàs f ìor eòlach air Sìle, Fiona agus Nora sna caibideile­an aca fhéin ’s air an leantainn gu Brazil (Sìle) agus Mallorca (Nora), tha tachartasa­n aig baile gan toirt còmhla ’s tha feum air leth ann an uair sin air ceathramh sealladh.

An-dràsta ’s a-rithist air an duilleig seo thuirt mi mu charactara­n ann an nobhail nach robh ùidh agam annta ’s gun robh mi coma dé dh’éireadh dhaibh. Tha a chaochladh fìor mu Mhil san T ì .Tha de sgil aig Seonag Monk ’s gun robh mi air mo làn tharraing a-staigh do dh’fhaireachd­ainnean, do thàirean ’s do ghnìomhan nam boireannac­h seo.

Ged nach cuir thu sùil ann an leabhar Gàidhlig sam bith eile air feadh 2018, chomhairli­chinn dhut Mil san Ti? a leughadh.

Chaidh an léirmheas seo fhoillseac­hadh ann an co-bhuinn ris a' Chomann Rìoghail Cheilteach. Faic www.royalcelti­csociety.scot son grantaiche­an ’s a leithid

 ??  ?? 0 Tha Seonag Monk air a bhith timcheall a' bhloc, a’ sgrìobhadh air son stèidse, TBH, réidio agus film, agus tha a bhuil air Mil san Ti?
0 Tha Seonag Monk air a bhith timcheall a' bhloc, a’ sgrìobhadh air son stèidse, TBH, réidio agus film, agus tha a bhuil air Mil san Ti?

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom