The Scotsman

An Nollaig, Oidhche Challainn is Là na Bliadhna Ùire air BBC Alba

-

Leis an Nollaig agus a’ Bhliadhna Ùir air fàire, is na geòidh a’ reamhracha­dh mar a chanar san òran, tha BBC Alba a’ gealltainn beartas de phrògraman ùra gus ur lìonadh agus ur fàgail sàsaichte.

Anns a’ phrìomh àite sa chlàr-ama tha prògraman Là na Nollaig fhèin, le Ceathrar air a’ Chuilthean­n a’ tabhann sreath ùr àrd-amasach dùbhlanach èibhinn! Bidh ceathrar òganach à Glaschu a’ cur an cùl ris a’ bhaile mhòr agus a’ cur an aghaidh ri sreap sa Chuilthean­n. ’S e dùbhlan duilich a bhios ann agus na h-òganaich uabhasach tarraingea­ch agus fosgailte air beulaibh a’ chamara. Bidh na thachras riutha a’ togail iomadh gàire cuide ri àmhghar agus strì nach gann. Bidh Ceathrar air a’ Chuilthean­n tarraingea­ch dha daoine òga agus feadhainn a bhios a’ faireachda­inn òg fhathast! Bidh na trì prògraman a’ dol a-mach thairis air trì oidhcheann­an, a’ tòiseachad­h air Là na Nollaig fhèin aig 8.30f.

Cuideachd air Là na Nollaig bidh prògram sònraichte mun t-seinneadai­r Ghàidhlig chliùiteac­h, Christine Primrose. Bidh am prògram sa ga leantainn à baile a h-àraich, Càrlabhagh an Leòdhas, gu ruige New York, air bliadhna air leth na beatha is i a’ foillseach­adh clàr airson na ciad uair ann an iomadh bliadhna. Bidh Guth ag Aithris: Christine Primrose air aig 9f. Bidh rionnag eile air BBC Alba aig 10f Là na Nollaig: DIY le Donnie: An Dùbhlan. Anns an Ògmhios chuir Donnie Macleòid agus sgioba luchdtogai­l bho air feadh Leòdhais dùbhlan romhpa fhèin: Retirement Centre Leòdhais a dhèanamh an-àirde ann an còig latha. Chì sinn an t-saothair shònraicht­e aca agus gu leòr plòigh an cois na h-obrach cruaidhe sgiobalta.

An latha às dèidh na Nollaig bidh prògram ùr againn bho Fhraoch Nic an Deòir a bhios a’ sealltainn dhuinn na bhiodh ar sinnsearan ag ithe. Bidh i a’ gabhail a stiùir bho leabhar còcaireach­d ainmeil le F. Marian Nicnèill, The Scots Kitchen. Bho cheann-cropaig gu bàirnich ’s buntàta, ma bhios sibh a’ faireachda­inn caran frionasach mu dheidhinn còcaireach­d aig àrd-ìre bidh seo nas coltaiche ri stuth a bhiodh ar seanmhair no sinn-seanmhair ag ullachadh agus dè bhiodh na b’ fheàrr na sin? Bidh Truinnsear­an ar Sinnsearan air aig 9f air an 26mh.

Bidh am pailteas de cheòl againn cuideachd ann am prògraman a’ leantainn Skipinnish agus Tide Lines. Air an 30mh bho 11.30f, chì sibh Skippinish agus Caraidean agus mar a thèid leotha sam Barrowland Ballroom le taic bho Raonaid Walker, Malcolm Jones agus Archie Mcallister. Air Oidhche Challainn fhèin bidh am prògram mu dheireadh againn bho Fhèis Chiùil Intercelti­que Lorient agus Julie Fowlis a’ coinneacha­dh ri Tide Lines a chluich mu choinneimh na h-àireimh sluaigh a bu mhotha a bha aca a-riamh. Sin air an 31mh aig 10f.

Am measg phrògraman eile a dh’fheumar fhaicinn bidh Frances: A Strì ri MS, aig 9f Oidhche Challainn. Tha Frances O’ Connell air a bhith a’ fulang MS fad iomadh bliadhna agus tha i, le cuideachad­h, air na mìltean not a chruinneac­hadh airson a dhol a Mhexico an tòir air cùram ìocshlaint­each. ’S i an duais a tha fa-near dhi saorsa a bhith aice a-rithist, a bhith a’ cluich còmhla ris na h-oghaichean aice anns a’ phàirc.

Agus gu Sùlaisgeir, far am bi dà phrògram ùr a’ toirt sealladh an dà chuid air an t-seilg agus air na sealgairea­n. Air Là na Bliadhn’ Ùire aig 9f, bidh sinn a’ leantainn Dhods Mhicphàrla­in air an t-seilg mu dheireadh aige às dèidh 40 bliadhna mar phàirt den sgioba. Cha deach an turas chun an eilein air fad a chlàradh a-riamh agus chithear sin airson na ciad uair air Sùlaisgeir: an t-sealg. Seachdain às dèidh sin, air an 8mh den Fhaoilleac­h aig 9f, gheibhear Sùlasgeir: na Sealgairea­n, far an tèid eachdraidh agus cleachdaid­hean na seilge a mhìneachad­h. Prògraman blasta mu dheidhinn bidhe chonnspaid­ich.

Na dèanaibh dìochuimhn’ air a’ chèilidh mhòr a bheir 2017 gu ceann agus a chuireas fàilte air a’ bhliadhn’ ùir à Slèite san Eilean Sgitheanac­h. Bidh aoighean, ceòl agus crac gu leòr aig Cathy Nicdhòmhna­ill agus Niall Iain Dòmhnallac­h, le Mànran, Art Maccarmaig agus Sian uile an làthair. Chan eil e gu diofar càite air an t-saoghal am bi sibh Oidhche Challainn, chì sibh Cèilidh na Bliadhn’ Ùire tro iplayer a’ BHBC. Dèanaibh cinnteach gum bi fios aig ur caraidean agus aig ur càirdean thall ’s a-bhos!

Nollaig Chridheil agus Bliadhna Mhath Ùr dhuibh uile bho sgioba BHBC Alba!

 ??  ?? Ceathrar air a’ Chuilthean­n, BBC Alba
Ceathrar air a’ Chuilthean­n, BBC Alba

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom