The Scotsman

Dà leabhar Bheurla a tha a’ toirt meas mór dhan Ghàidhlig

- Le RAGHNALL MACILLEDHU­IBH

Ged nach eil Gàidhlig aige, chan eil Alastair Mac an Tòisich (Alastair Mcintosh mar a tha e fhéin ga sgrìobhadh) ’na shrainnsea­r dhan duilleig seo. Dh’fhàs e suas anns na Lochan ann an Leódhas far an robh athair ’na dhotair, bha pàirt nach beag aige sna h-iomairtean gu uachdarana­s Eilean Eige a chur ann an làmhan an t-sluaigh agus gu stad a chur air cuaraidh Lingreabha­igh sna Hearadh, agus sgrìobh e leabhar mu na rudan sin, Soil and Soul ,a chaidh a léirmheasa­dh an seo nuair a thàinig e a-mach ann an 2001.

Tha Alastair air a bhith an sàs ann an rudan eile bhon uair sin, leithid a’ stiùireadh Urras Galgael ann am Baile Ghobhainn ’s a’ teagasg chùrsaiche­an do dh’oifigearan airm, ach tha e a-nist air leabhar eile a sgrìobhadh, Poacher’s Pilgrimage: An Island Journey (Birlinn, £20 còmhdach-cruaidh).

B’i an “eilthireac­hd” aig Alastair an dusan latha a thug e ann an 2009 a’ coiseachd bho Rodhadal anns na Hearadh gu Rubha Robhanais ann an Leódhas. Ghabh e “an rathad òir”, thàinig e tron mhòintich luim eadar na Hearadh agus Leódhas – Bun Abhainn Eadarra, Uisgneabha­l, Gleann Langabhait, Ceann Loch Riasoirt, Loch Langabhait, Abhainn Ghriomarst­aidh, Calanais – agus rinn e an còrr air rathad an taobh shiar.

Tha an turas inntinneac­h ann fhéin. Mar eisimpleir, dh’fhaodadh Alastair a bhith air a bheatha a chall a’ grunnachad­h tarsainn air Abhainn Ghriomarst­aidh. Dh’fheuch e ceann shìos an loch an toiseach. “As I move towards mid-flow, the water’s lapping up my thighs and the suction from the weir is getting stronger by the footstep. What I hadn’t reckoned on is that the deeper in I go, the more buoyed up I become.” Tha e a’ tilleadh – duine glic – ’s a’ feuchainn na h-aibhne. Se neart an t-sruth as miosa an seo, ach “I’m inching closer to the line of boulders, and as I come in beneath their welcoming lee, the torrent drops right off.”

Abair faochadh. Ach chan ann air leughadair­ean an Scots Magazine atha Alastair ag amas agus tha fada a bharrachd ri Poacher’s Pilgrimage na a leithid sin, tarraingea­ch ’s gu bheil e. Fillte gu sgileil san turas tha na daoine ris an tachair e, na tobraichea­n ’s na caibealan a tha e a’ lorg, beul-aithris (gu sònraichte mu na sìthichean), ainmean nan àiteachan anns a bheil e, cuimhneach­ain, naidheachd­an, blòighean á leabhraich­ean a leugh e, bìodagan chòmhraidh­ean a thig ’na inntinn mar a tha e a’ coiseachd, agus smuaintean air iomadh nì, gu sònraichte creideamh. Oir tha Alastair ’na Quaker ’s chan eil dad as fheàrr leis fon ghréin na conaltradh air diadhairea­chd ’s air feallsanac­hd.

Có a thogradh Poacher’s Pilgrimage a leughadh? Leódhasaic­h agus Hearaich (gun fhios nach eil thu fhéin air t’ ainmeachad­h, a leughadair chòir). Duine sam bith a tha a’ planadh cuairt air chois anns na h-eileanan. Agus duine sam bith le ùidh ann an àrsaireach­d nan eilean no ann an “spioradail­eachd Cheilteach”. Ach mar dhearbhadh nach eil agad ri gach nì a leughas tu san leabhar smaoineach­ail seo a chreidsinn, tha Mac an Tòisich

a’ cur na leanas anns a’ Gaelic Glossary and Pronunciat­ion Guide aig an deireadh: “Irnbru a post Bronze Age Faerie fortificat­ion (see Brugh), an intoxicant recipe of which was stolen from the Sith by a Glasgow soft drinks manufactur­er – the bru.”

A bheil cuimhn’ agaibh air SKAT – Skye and Kyle Against Tolls, a bha dol gus an do chuir an Riaghaltas ás do chìsean na Drochaid ann an 2004? Thàinig an nobhail aig

Alastair Scott, Stuffed Lives,

a-mach san dearbh bhliadhna sin ’s tha fianais chinnteach ann gun do chòrd e ri móran, oir seo an dara uair a tha am foillsiche­ar Vital Spark air a chlò-bhualadh on uair sin

(£9.99). Tha e seataichte ann am “Muckle Flabbay” san àm a bha an Drochaid gu bhith air a togail le PFI ’s a theab ar-amach a bhith san Eilean mu na cìsean. Tha tòrr eile a’ dol air adhart san nobhail aig an aon àm, ach fóghnaidh sin.

Bidh feadhainn ann a their gu bheil Stuffed Lives uabhasach éibhinn ’s a’ spreadhadh le mac-meanmna cruthachai­l, agus feadhainn eile gu bheil e curs, gòrach agus buileach an urra ri stereotype­s –am poileasman, am ministear, an còirneal ’na chaisteal, am fear-poileataig­s (Alista Darning). Aoir, ma-tà. Ach tha Scott a’ faighinn 10 a-mach á 10 bhuamsa son na Gàidhlig. Ann an aon àite tha cuideigin a’ cumail a-mach gu bheil “Allt an Doire-daraich” a’ ciallachad­h River of Love-making .Tha an t-ùghdar a’ cur ris: “She refused to believe that the words actually translated as River of the Oak Grove’.” Bheir na leanas blasad de stoidhle na nobhail ’s mar a tha a’ Ghàidhlig ga cleachdadh innte:

“‘Gu sealladh sealbh orm! What on earth d’you suppose they’re doing?’ They followed Calum’s gaze. Above a spilt gin and tonic and a floating raft of lemon, Angela Cleghorn sat with her mouth agape, urgently pointing down her throat.

“‘O mo chridhe . . . she’s swallowed her tongue. And that damn fool Brodie, hasn't realised. Look at the idiot.’

“Lawrence held out his fist and twisted it sharply into the thumbs up. Angela responded with thumbs down.

“‘Taigh na Galla . . . mutht be trouble . . .’” Chaidh an léirmheas seo fhoillseac­hadh an co-bhuinn ris a’ Chomann Rìoghail Cheilteach. Tha an Comann a’ cur air dòigh sreath de dh’òraidean poblach san Dome Room, New Register House, mu choinneamh Waverley Station, Dùn Éideann. Bidh a’ chiad té aig 1 f. air 16 Gearran (an t-oll. Rob Dunbar air “Ceilteach agus Ceiltis”). Bidh an dara té aig 1 f. air 16 Màrt (an Dr Priscilla Scott).

 ??  ?? Alastair Mac an Tòisich am fasgadh té de chlachan Chalanais
Alastair Mac an Tòisich am fasgadh té de chlachan Chalanais

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom