The Scotsman

O chionn 80 bliadhna – on Weekly Scotsman, 1 Faoilleach 1938

-

Geamhradh is Calluinn

Tha an seann rann an ràdh nach tig geamhradh gu “cùl Calluine,” ach cha bu sin an sgeul a bha again air a’ bhliadhna so, oir thainig geamhradh òirnn gu frionasach, garg eadhon mu’n robh an latha aig a ghiorad. Bha sneachd is reodhadh againn air a’ mhiosa so a thug barr air gach miosa Dùmhlachd eile a dh’fhiosraich móran againn riamh; mar sin, ma bhios an rann eile a tha ag ràdh nach tig fuachd “gu’n tig Earrach” cho fior ris tuigidh sinn ciod a bha ann an “geamhraidh­ean na seann aimsir” air am biodh ar n-athraichea­n a’ bruidhinn.

B’e an diugh latha mór na h-iomanach aig na seann daoine; agus b’e so mar an ceudna ám a’ chaidreis is ám nan céilidhean. Cha chuireadh fuachd no reodhadh a’ bheag air an òigridh an ám tarruing bu bàir iomanach, agus gu seachd sònraichte an uair a thuiteadh sgàthan na h-oidhche is a dh’fhosgladh an tigh céilidh a dhorsan fial le bhraidseal mór teine air meadhoin an ùrlair, is aoibh anns gach gnùis mu’n cuairt air. Sin an taobh a bu shona de pheatha a’ Ghàidheil, agus chan ’eil ioghnadh idir ged a bhiodh na làithean sin a’ tighinn na chuimhne an uair a tha e a’ fàs sean no fada air falbh bho thir a bhreith is àrach.

Bha làithean cruadalach aig a’ Ghàidheal cuideach; ach sin fàilinn (no subhailc) a tha an ceangal ri clann daoine gur iad na gnothaiche­an grinne, sòlasach a dh’fhiosraich iad an làithean an òige air am bi cuimhne aca an uair a dh’fhàgas iad ’nan déidh iad.

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom