The Scotsman

O chionn 80 bliadhna – on Weekly Scotsman, 8 Faoilleach 1938

-

Lus-lios

Thug sgoil shuas anns an Eilean Sgitheanac­h an dràsd ceum a dh’fhaodas a bhith glé thàbhachda­ch anns an àm ri teachd, agus ceum anns a bheil sinn an dòchas gu’n lean sgoiltean eile air feadh na Gàidhealta­chd i. Is e sin farpuis a chur air bonn an obair gàirnealac­hd. Air a’ cheann so tha sgiath air a tairgse le Gàidheal còir a tha a’ faicinn mar a tha sinne gu bheil deagh ghealltana­s air toradh brìoghmhor a dh’éirigh ás an nì so, agus tha i ri bhith air a toirt do’n aon a bhuineas do’n sgoil aig am bi an lios as fèarr.

Tha e air a chur air na Gàidheil, agus chan ann gun aobhar, gu bheil iad ro dhearmadac­h air an fheum a ghabhadh dèanamh á lios gu togail lus-bhiadh; ach cha d’fhuair iad riamh teagasg a bha feumail anns a’ chùis so, oir cha robh uachdarain fearainn no aon eile ag gabhail suim dheth mar bu chòir. Chan ’eil e ro anmoch fathast, is chan e mhàin gu’m bu chòir do sgoiltean eile dol an gréim anns an obair so, ach dh’fhaodadh uachdarain fearainn is am firionaid làmh a ghabhail anns a’ chùis. Na’n dèanadh iad sin cha bhiodh iad gun an duais, is bhiodh e ’na bhuannachd mhóir do’n rìoghachd. Tha rìoghachda­n eile na h-eòrpa an déidh ar fàgail gu buileach ’nan déidh anns an obair fheumail so, is tha iad a’ tarruing a steach chuca féin mór bheairteas bhuainne a bu chòir dhuinne a ghleidhead­h dhuinn féin.

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom