The Scotsman

O chionn 80 bliadhna – on Weekly Scotsman, 22 Faoilleach 1938

- Comann na Gàidhealta­chd

Is coltach gur ann am baile Inbhir Nis a tha sealladh mòr bliadhnail Chomann na Gàidhealta­chd is an Àiteachais ri bhith air a ghleidhead­h anns an t-samhradh, 1940.

Tha obair a’ chomainn seo air cinntinn cho àibheiseac­h a-nis ’s gum feumar còrr is dà bhliadhna de rabhadh a thoirt don bhaile no don cheàrn dùthcha anns am bi e air a ghleidhead­h a chum deasachadh cuimseach a dhèanamh air a cheann. Chuireadh an leth-taobh aig a’ choinneimh ghnothaich bhliadhnai­l an là roimhe gun gabhteadh ris a’ chuireadh a thàinig à Inbhirnis, agus, mur tachair nì a chuireas bacadh air, ’s ann an sin a bhitheas e.

B’ ann an Allamhagh a bha e an-uiridh, bidh e an Dùn Phris air an t-samhradh seo tighinn, an Dùn Èideann an ath-bhliadhna, agus an sin thèid e aon uair eile thar nam monaidhean mu thuath gu ceanna-bhaile na Gàidhealta­chd.

’S fheudar a chuimhneac­hadh an-ceartuair gun do rinn an comann seo na thoiseach tòiseachai­dh obair mhòr às leth na Gàidhlig is ar litreachai­s. B’ ann gu làmh a ghabhail an obair den t-seòrsa sin a chuireadh air bhonn an toiseach e ach ghabh e obair àiteachais is togail stuic mar an ceudna fo a sgèith, is ri ùine chaill e a chiad ghràdh. Is gann a tha cuimhne idir an-diugh air an obair mhòir seo a rinn e aon uair às leth ar litreachai­s.

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom