The Scotsman

Iomairt gus sluagh a thilleadh do dh’fhearann a tha falamh

- Le ALASDAIR H. CAIMBEUL

Chan fheum thu a dhol ro fhada airson tobhtaiche­an fhaicinn ann an tòrr de na sgìrean air a’ Ghàidhealt­achd agus sna h-eileanan. Tobhtaiche­an a tha nan samhlaidhe­an balbh air coimhearsn­achdan a bh’ ann mus do dh’fhalbh na daoine no mus deach am fuadach às na h-àiteachan sin. Ach a rèir Fearann Coimhearsn­achd na h-alba, bu chòir cumhachdan laghail a stèidheach­adh far an gabh pàirt den fhearann fhalamh seo a cheannach no a chur gu feum le coimhearsn­achdan feuch am bi barrachd fearainn ann far am faod daoine fuireach.

Tha Fearann Coimhearsn­achd na h-alba air grunn chumhachda­n a bharrachd a mholadh, a bhiodh nam pàirt dhen Bhile Phlanaidh a tha dol tro Phàrlamaid na h-alba an-dràsta, gus piseach a thoirt air sgìrean dùthchail agus cothroman a chruthacha­dh airson sluagh a thilleadh gu àiteachan a tha air a bhith falamh fad iomadh bliadhna.

Tha a’ bhuidheann iomairt a’ moladh gun stèidhich Riaghaltas na h-alba poileasaid­hean planaidh ùra a bheireadh taic do na h-amasan aca: gum bu chòir àireamh an t-sluaigh ann an sgìrean dùthchail na h-alba a mheudachad­h, agus gum bu chòir sluagh a thilleadh gu fearann far am b’ àbhaist do dhaoine a bhith a’ fuireach agus far nach eil sluagh no mòran sluaigh a-nis.

Tha iad cuideachd ag iarraidh gun cruthaich an Riaghaltas map ade“choimh ears nachd an a chleachd a bhith ann” ann an Alba. Thathar a’ moladh a’ mhapa seo mar fhreagairt gu ìre air ‘a’ Mhapa de Thalamh Fiadhain’ a bhios daoine a’ cleachdadh gus taic a chumail ris na h-argamaidea­n aca gus talamh a chumail falamh. Seallaidh seo gun robh daoine a’ fuireach ann an cuid de na h-àiteachan falamh seo aig an aon àm, agus gum bu chòir smaoineach­adh air daoine a thilleadh gu na h-àiteachan sin a-rithist.

Am measg na tha Fearann Coimhearsn­achd na h-alba a’ moladh, tha na cumhachdan a leanas dhan Riaghaltas: gum b’ urrainn dhaibh fearann a chomharrad­h mar fhearann air an tèid daoine a thuineacha­dh a-rithist; gum b’ urrainn dhaibh fearann a cheannach gu h-èigneachai­l air an adhbhair sin; gum b’ urrainn dhaibh a’ chòir a thoirt do choimhears­nachd fearann a cheannach airson daoine a chur a dh’fhuireach ann; agus gum b’ urrainn dhaibh cumhachdan a dh’fhaodadh a bhith a dhìth orra a thoirt do dhaoine eile gus daoine a thuineacha­dh air fearann far am b’ àbhaist do dhaoine a bhith a’ fuireach.

Tha seo uile mar cheum eile san iomairt aig Fearann Coimhearsn­achd na h-alba gus cumhachd is spionnadh a thoirt do choimhears­nachdan dùthchail ann an Alba. Tha iad cuideachd air a dhèanamh follaiseac­h gum faodadh seo, ann an dòigh, car a chur ann an sgeul nam fuadaichea­n le bhith a’ tilleadh dhaoine gu pàirt dhen fhearann a chaidh fhàgail gun daoine ann agus mar nàdar de dh’fhàsach. Tha a’ bhuidheann cuideachd a’ faicinn cothrom an seo feumalachd­an an t-sluaigh a thoirt fa-near an lùib laghan planaidh, a bharrachd air cùisean àrainneach­d is eile.

A rèir neach-labhairt bho Fhearann Coimhearsn­achd na h-alba, “Chaidh tòrr ùine a chur seachad a’ mapadh ‘fearann fiadhain’ mar a chanar ris, ach bu chòir beagan ùine a chur seachad a-nis a’ clàradh mapa den dualchas a tha Alba air a chall nuair a thathar a’ beachdacha­dh air leasachaid­hean san àm ri thighinn. Feumaidh sinn cothromach­adh fhaighinn san deasbad mun tìr agus bu chòir do chothroman a bhith ann tìr a bhios beò a chruthacha­dh far am bi daoine nam pàirt cudromach dhith.”

Eadar gach raon glèidhteac­hais aig muir is air tìr, ’s dòcha gu bheil cuid a choimh ears nachdandùt­hc hail a’ faireachda­inn gu bheil gach nì mun cuairt orra fo dhìon ach iad fhèin. Mar a tha soilleir do dhuine sam bith aig a bheil eòlas air sgìrean dùthchail air a’ Ghàidhealt­achd agus sna h-eileanan, tha talamh airson taigh cho prìseil ris an òr. Nam biodh dòigh ann talamh a chur fo shea lbhchoimh ears nachd an air am b’ urrainn dhaibh taighean a thogail, cò nach cuireadh fàilte air sin?

’S fhiach a chuimhneac­hadh nuair a thig e gu cuid mhath den fhearann air am bi daoine a’ smaoineach­adh mar fhearann fiadhain, mar fhàsach, gun robh daoine a’ fuireach ann aig aon àm. Feumar fhathast aire a thoirt do nàdar is bòidhchead na dùthcha, gun teagamh, ach faodaidh taighean is daoine a bhith nam pàirt den tìr sin.

Chan eil fhios agam mu bhith a’ cur car ann an sgeul nam fuadaichea­n, ach leis na tha Fearann Coimhearsn­achd na h-alba a’ moladh, dh’fhaodadh e cuideachad­h le bhith a’ cur stad air a’ chrìonadh chunbhalac­h a tha a’ tighinn air an t-sluagh agus air an eaconamaid­h ann an cuid a sgìrean dùthchail. Faodaidh daoine a bhith nam pàirt den àrainneach­d gun a bhith a’ dèanamh sgrios oirre.

Tha an t-artaigil seo ga fhoillseac­hadh ann an co-bhuinn ris a’ Chomann Rìoghail Cheilteach www. royal celtic society. scot

 ??  ?? Tha Fearann Coimhearsn­achd na h-alba a’ moladh sluagh a thilleadh gu àiteachan a chaidh fhuadach no far am b’ àbhaist do dhaoine a bhith a’ fuireach ann an sgìrean dùthchail.
Tha Fearann Coimhearsn­achd na h-alba a’ moladh sluagh a thilleadh gu àiteachan a chaidh fhuadach no far am b’ àbhaist do dhaoine a bhith a’ fuireach ann an sgìrean dùthchail.

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom