The Scotsman

O chionn 80 bliadhna

on Weekly Scotsman, 12 Gearran 1938

-

Faodhlaich­ean Uibhist

Tha daoine am bitheantas an dùil gur trì eileanan a tha an Uibhist a Tuath, am Beinn na Fadhla is an Uibhist mu Dheas agus, an tomhas, tha iad ceart. Is e sin a tha annta an uair a tha àirde mhara ann, ach an uair a tha an tràigh a-mach tha an dà chaolas a tha ag eadar-sgaradh Bheinn na Fadhla bhon chòrr de Uibhist a’ tràghadh. Chan e caolais a their muinntir na dùthcha sin fèin riutha idir, ach “faodhlaich­ean”. Air a’ mhuir-tràigh, tha comas a choise aig aon sam bith a tha air mhiann siubhal bhon dara taobh gus an taobh eile; ach feumaidh an neach sin a bhith eòlach air dol an t-srutha agus lagan a’ mhuir-tràigh a chuimseach­adh ’s a cheapadh, no creanaidh e air. An uair a tha an lìonadh a’ tighinn, ’s e garbh chunnart a tha ann a bhith am meadhan aon de na faodhlaich­ean; agus is iomadh aon a chaill a bheatha leis an aire riatanach seo a dhearmad. An naidheachd as ùire a tha againn, ’s e gu bheil drochaid ri a togail air an Fhaodhail a Deas, agus ma thig sin gu buil gu dearbh is mór an goireas a nì e do mhuinntir nan eileanan. Is iomadh uair a chaidh air chall a’ feitheamh ris an fhaodhail seo a thràghadh, gu sònraichte an uair a bhiodh treudan gan iomain tharta, agus ma chosgas an drochaid rud de airgead, fathast thig deagh fheum na chois.

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom