The Scotsman

Tha Murray Macleòid ag ràdh gu bheil margaidh an fhearainn a-mach à rian

-

Tha atharracha­dh bunaiteach, cha mhòr gun fhios, a’ tachairt air feadh sgìrean dùthchail na h-alba a tha, a bharrachd air càil eile, a’ daingneach­adh an ana-cheartais a tha aig cridhe siostam an fhearainn.

Tha oighreachd­an is tuathanasa­n gan reic airson suimean gun chiall, glè thric ann an dìomhairea­chd air falbh bho shùilean an t-sluaigh, agus luchd an airgid airson brath a ghabhail air an taic a tha ri faighinn ann an Alba airson a dhol “uaine”. Tha luach anns na craobhan, a bhalaichib­h.

Tha fhios nach e seo a bha san amharc, ach tha a’ mhargaidh a tha seo a’ ciallachad­h nach eil, aon uair eile, cothrom na Fèinne aig na coimhearsn­achdan. Sin mar a bha agus mar a tha.

Thug Coimisein Fearann na h-alba a-mach aithisg a bha a’ mìneachadh mar a tha a’ mhargaidh air a dhol cho trang ri linn “iarrtas àrd airson coilltean agus fearann far an gabh craobhan a chur”.

Ann an 2021 thàinig àrdachadh de 31% air talamh àiteachais aig àm nuair a bha teachd a-steach sa ghnìomhach­as a’ sìor chrìonadh. Tha sin dìreach a’ sealltainn nach ann airson obair àiteachais a bhathar gan ceannach.

“Tha an luach ann an calpachas nàdarra agus carbon a’ toirt barrachd buaidh, ach tha rudan eile ann cuideachd a tha cudromach, mar luach àrd an fhiodha agus coilltean,” thuirt Seumas Trench, àrd oifigear Coimisein Fearann na h-alba.

“Tha an aithisg a’ sealltainn ged a tha na tha de fhearann air a’ mhargaidh air fuireach an aon rud thairis na beagan bhliadhnac­han a dh’fhalbh, tha na prìsean air èirigh gu mòr ri linn an diofar luchdceann­ach a tha a’ sealltainn ùidh ann.”

Le companaidh­ean mar Shell a’ coimhead ri fearann na h-alba, tha fios iad gur e co-dhùnadh corporra a tha air a chùlaibh, iad a’ faicinn luach a thaobh airgid no cliù. Gu deimhinne, chan mu dheidhinn an àite fhèin a bhios e.

Tha làn chead aca a dhèanamh, bhon a tha e na chleachdad­h ann an Alba dha fearann a bhith air a reic ris an duine as beàrtaiche agus airson adhbhar a choireigin, chan eil an luchd-poileataig­s airson a dhol mìle faisg air.

Tha seo air an fhearg a chur air gu leòr airson ùine fhada bhon ann an suidheacha­dh dùthchail, chan eil càil nas cudromaich­e na cothrom air fearann. Ach chan eil e sa mhòr-chuid ach ann an làmhan corra dhuine beartach – agus a-nis, companaidh­ean mòra eadar-nàiseanta bho air feadh an t-saoghail. Tha Alba air a’ mhargaidh, dh’fhaodadh tu ràdh. Chan e seo idir a bha còir a thighinn leis an dùsgadh air an àrainneach­d.

Tha a’ bhuidheann Fearann Coimhearsn­achd na h-alba a-measg na tha ag iarraidh lagh ùr a thoirt a-staigh sa bhad airson dèiligeadh ri seo.

Thuirt stiùiriche a' phoileasai­dh aca, an t-ollamh Calum Macleòid: “Aig àm nuair a tha cosgaisean a’ sìor dol an àirde dha teaghlaich­ean agus a’ cur ri bochdainn anns na sgìrean dùthchail, tha rudeigin fada ceàrr, smaoiniche­adh tu gu bheil raointean mòra de dh’alba gan reic gu dìomhar ri companaidh­ean airson dèiligeadh ri truaillead­h carbon no mar dhòigh air an tuilleadh airgid a dhèanamh.

“Feumaidh Riaghaltas na h-alba laghan air athleasach­adh an fhearainn a thoirt a-staigh sa bhad airson dèiligeadh ri bhith a' reic oighreachd­an gu dìomhair, gus deànamh cinnteach gu bheileas a’ beachdacha­dh air buannachd dhan phoball nuair a tha, agus ga dheànamh nas fhasa dha coimhearsn­achdan an ceannach. Mura dèan iad sin, tha cunnart ann gun tig coimhearsn­achdan fhàgail air dheireadh agus gun tig a’ mhargaidh mhòr luachmhor a tha seo a-mach à rian buileach agus a-mach à sealladh.”

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom