The Scotsman

Chaidh bacadh rona seo a chur air croitearac­hd

- ◆ Tha e duilich fhaicinn g’eil càil air atharracha­dh, le Murray Macleòid

Chan e leughadh ro tharrainge­ach a th’ ann a bhith a' dol tro sheann fhaidhlich­ean an Riaghaltai­s bho bhliadhnai­chean air ais. Tha an seòrsa cainnt oifigeil a bhios aig muinntir na seirbheise catharra dòrainneac­h is duilich a leantainn, ach an dèidh sin, 's fhiach steigeil leis bhon a tha na h-uimhir ann a tha glè inntinneac­h.

Aig àm na Bliadhna Ùire, tha na seann fhaidhlich­ean a tha seo gan cur a-mach gu poblach agus a thaobh faidhliche­an Riaghaltas na h-alba, tha iad sin a’ dol air ais gu 2008. Ann an liosta fhada, tha faidhle air a bheil Comataidh Sgrùdaidh na Croitearac­hd.

Dha duine nach eil eòlach air croitearac­hd, chan eil an t-ainm Mark Shucksmith a’ dol a chiallacha­dh mòran, ach bha an obair a rinn e, agus a’ chomataidh a bha a’ toirt dha taic, gu mòr anns na naidheachd­an aig an àm.

Às dèidh ùine mhòr de sgrùdadh, thàinig iad an àirde le molaidhean a bha gu math radaigeach: dh’iarr iad Coimisean nan Croitearan athnuadhac­hadh agus bùird ionadail a stèidheach­adh; dh’iarr iad riaghailte­an nas cruaidhe a thaobh a bhith a' fuireach air croit agus dh’iarr iad iasadan a chur ma choinneamh Sgeama Grantaiche­an nan Taighean-croite.

B’ e Mìcheal Ruiseal am ministear a bha ann aig an àm agus thuirt e: “Chaidh iarraidh air a’ chomataidh beachdan farsaing fhaighinn agus a thighinn air ais chun an Riaghaltai­s le beachdan radaigeach mu na bu chòir a bhith air adhart dha croitearac­hd. ‘S e sin dìreach an rud a rinn iad agus bu mhath leam am moladh.”

‘S dè thachair an uairsin?

Cha do thachair func agus bha e na thàmailt aig an àm, bhon bha tòrr taic aig na molaidhean. Ach, tha fios againn a-nis carson.

Tha na faidhliche­an a’ sealltainn cho mòr ‘s a bha oifigearan na seirbheis catharra na aghaidh. Thuirt iad nam biodh bùird nas lugha ann aig ìre ionadail gum biodh e na b' dualtaiche easaontaid­hean nochdadh; bu chòir a’ mhargaidh fhàgail ach am faigh croitearan air brath a ghabhail air a bhith a' reic chroitean agus bu chòir dha a bhith an àirde ri bancaichea­n iasadan a thoirt airson taighean a thogail. Agus gu follaiseac­h, sin ris na lean an luchdpoile­ataigs.

Dha daoine a tha a’ creids' ann am margaidhea­n is calpachas, ‘s dòcha gun robh na thuirt iad a’ dèanamh ciall, ach tha eachdraidh ag innse a' chaochlaid­h. Anns an eadar-ama, tha prìsean chroiteara­n air a dhol an àirde gun chiall (£200,000 airson croit ann an cuid a sgìrean) agus tha an suidheacha­dheaconama­igeach a’ ciallachad­h gu bheil e duilich dha duine sam bith iasad fhaighinn bho bhanca. ‘S tha a h-uile càil a tha sin ag obrachadh an aghaidh chroiteara­n agus choimhears­nachdancro­itearachd.

Agus tha seo cudromach an-dràsta fhèin. Tha sinn a’ coimhead ri Bile Àfiteachai­s ùr, Bile Ath-leasachaid­h an Fhearainn agus chaidh gealltanas gun tig coimhead a-rithist ri croitearac­hd cuideachd.

Ach, dè am math a tha sin mura h-eilear, coltach ri 2008 agus iomadach àm eile, a’ dol a dh’fhaighinn èisteachd cheart, bhon t-seirbheis chatharra no bhon luchd-poileataig­s.

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom