The Scotsman

Tha sgeulachd nan Oifis Phuist dìreach tiamhaidh

◆ Feumar freagairte­an cheart fhaighinn carson a thachair e, le Murray Macleòid

-

Tha mi fhathast gun am prògram “Mr Bates v the Post Office” fhaicinn, ach gu cinnteach tha mi dol a dhèanamh sin nuair a cheadaiche­as an tìde.

Chan eil mòran rudan air telebhisea­n aig an robh an uimhir de bhuaidh agus e air an luchd-poileataig­s agus na h-ùghdarrasa­n a dhùsgadh às an t-suainchada­l airson dèiligeadh leis a’ chùis mar bu chòir.

Leis na tha air a bhith air a ràdh agus air a sgrìobhadh mu dheidhinn, saoilidh mi gu bheil mi eòlach gu leòr air an sgeulachd, ach an dèidh sin, tha fhios nuair a thig an t-àm a choimhead nach bi m’ fhearg càil nas socaire ri linn sin.

‘S e f ìor actair a tha ann an Toby Jones, a tha a’ cluiche a’ phrìomh phàirt. Tha doimhneach­d is sgil is tuigse aige, fiù ‘s anns na pàirtean èibhinn a bhios e a’ cluiche. Tha mi a’ coimhead air adhart ri fhaicinn, mas e sin am briathrach­as ceart.

Tha e a’ sealltainn cho cumhachdac­h ‘s a dh’fhaodas telebhisea­n a bhith, a’ toirt buaidh air poileasaid­h poblach le bhith cur na prosbaig air ana-ceartas airson an duine bhig. Chan eil càil a ghluaiseas an luchdpoiil­eataigs na fearg mòr nan daoine.

Agus gu cinnteach, bha sgeulachda­n gu leòr ann – na ceudan mhòr air feadh Bhreatainn. Sin tòrr dhaoine a dh’fhuilig ri linn an cliù a bhith air a mhilleadh le buidheann nach b’ urrainn gabhail ris gun robh an coimpiutai­r aca ceàrr agus a bha a’ creids' gun robh a h-uile duine a bha sin ri foill.

Bithear an dòchas gum faigh an rannsachad­h poblach a tha a’ dol air adhart an dràsta freagairt air carson a bha iad ris an dol a-mach a tha seo, bhon cha ghabh idir a thuigs'.

Ged a tha am prògram air ITV air cuideachad­h an cuspair a chur fa chomhair an t-sluaigh, tha fhios gu bheil a’ chùis nas tiamhaidh buileach nuair a tha thu faisg air a’ ghnothach.

Ann an agallamh leis a’ BHBC, dh’innis Anne Quarm, banntrach fear dhe na daoine a bhathas a’ cur as a leth gun robh e ri foill, dìreach cho duilich ’s a bha e dhaibh.

Bha Uilleam Quarm a' ruith Oifis a' Phuist ann am Paibil an Uibhist a Tuath. Bhàsaich e ann an 2012, a shlàinte air briseadh ‘s trom an eallach air às dèidh na thachair. Chaidh cur às den dìteadh aige an-uiridh, 11 bliadhna as dèidh dha caochail.

Cha do choinnich mi fhèin ri Bill a-riamh, ach ‘s aithne dhomh gu leòr a bha eòlach air agus cha robh duine aca dhen bheachd gun robh e idir ris na bhathas a’ cur às a leth. Ach, an dèidh sin, bha a’ bhuaidh domhainn.

"Bha a h-uile earbsa agam ann am Bill,” thuirt Anne anns an agallamh a gheibhear fhathast air eadar-lìon a’ BHBC. "B' e duine onorach a bh' ann, duine ceart.

"Bha e ag obair gu cruaidh. Bha e dìreach uabhasach ga fhaicinn anns an t-suidheacha­dh san robh e.

"Bhris a shlàinte, agus bha mise fortanach nach do bhris e mo shlàintesa. Ach bha mi dìreach a' cumail a' dol air sàilleibh an teaghlaich.

"Chaill sinn a h-uile càil a bh' againn. Ar dachaigh, 's na gnothachas­an. Tha e doirbh a chur ann am faclan dè tha mi dha rìribh a' ciallachad­h, ach dìreach nach robh sìon againn mu dheireadh.”

Tha i fhathast gun sgillinn ruadh fhaighinn air ais.

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom