The Scotsman

Tha an ùine a’ ruith a-mach dha na h-eileanan

- ◆ Ach, cothrom ann fhathast a’ chànan ath-leasachadh, le Murray Macleòid

Tha sinn dualtach a bhith a’ smaoineach­adh nuair a thig e gu cùisean cànain is culturail gu bheil ar càirdean ann an Èirinn fada air thoiseach, gu bheil an glasach nas uaine dhan Ghàidhlig air taobh thall Sruth na Maoile.

Ach, dìreach mar an seanfhacal, chan eil an suidheacha­dh idir cho todharach is a tha e a’ coimhead.

Gu cinnteach, tha a’ Ghaeilge gu math nas fhaicsinni­che ann an iomadach dòigh ann an Èirinn agus tha tòrr aige sin ceangailte ri eachdraidh is poileataig­s.

Ach, nuair a bheirear sùil air cùisean gu mionaideac­h, chì thu gu bheil na h-aon duilgheada­san aca thall ann an sin, leis mar a tha an cànan a’ crìonadh anns na sgìrean traidisean­ta far an robh i uaireigin nàdarrach is bicheanta.

An-dràsta, thathas a’ beachdacha­dh air Bile nan Cànan Albannach agus a thuilleadh air àite ann an reachdas a thoirt dha Albais, thathas cuideachd a’ meòrachadh air “sgìrean cànanach brìghmhor” a chruthacha­dh airson na Gàidhlig.

Tha a’ bhuidheann iomairt Misneachd air a ràdh gu bheil e tàmailteac­h cho beag fiosrachad­h ’s a tha an cois seo, ach tha iad fhèin air molaidhean prataigeac­h a chur air adhart. Agus san t-seagh sin, tha gu leòr ri ionnsachad­h bho ar caraidean Èirinneach nuair a thig e gu mar a tha iadsan a’ dèiligeadh ris an dearbh rud.

Air feadh Gaeltacht na h-èireann – sin na sgìrean air an iar bho Dhùn na ngall sìos gu Ciarraighe – tha lùghdachad­h ann an àireamhan luchd na Gàidhlig agus na seann dhaoine a’ bàsachadh gu ìre nas motha na tha de luchdlabha­irt ùr a’ nochdadh. Ach roghnaich iad rudeigin a dhèanamh agus b’ e sin lìonradh farsaing de dh’oifigearan Gàidhlig a stèidheach­adh anns na coimhearsn­achdan.

Tha Misneachd ag ràdh gu bheil na molaidhean aca-san a’ leantainn an siostam ann an Eirinn, le "planaichea­n cànain coimhearsn­achd agus co-dhiù aon oifigear lànùine anns gach sgìre”. Mhol iad, ann an Alba, buidseat de £150,000 a chur ma choinneamh gach oifigear, sin £2.7 millean airson na h-alba, bho nach biodh na h-oifgearan ach anns na àitichean far an robh an cànan làidir gu tràidisean­ta.

Às aonais càil mhionaidea­ch anns a’ Bhile, tha seo feumail; tha e prataigeac­h agus chan eil e ag iarraidh cus nuair a thig e gu airgead.

Tha faisg air ceithir bliadhna ann a-nis bho nochd an aithisg, “Èiginn na Gàidhlig anns na Coimhearsn­achdan Dùthchasac­h”, a thuirt gun tigeadh an cànan a-mach à bith ann an deich bliadhna mar chànan coimhearsn­achd anns na h-eileanan mura tigeadh atharracha­dh bunaiteach. Bidh an ceann-uidhe sin gu math nas fhaisge mus bi Bile ùr ann an gnìomh.

Mar a thuirt Màrtainn Mac a’ Bhàilidh bho Mhisneachd: “Gun teagamh, seo an cothrom mu dheireadh againn airson siostaman-taice a chur an sàs a chuidichea­s na coimhnears­nachdan Gàidhlig anns na h-eileanan. Tha fios againne a tha a' fuireac anns na coimhearsn­achdan cho cugallach ‘s a tha cùisean. Tha sinn a’ cur feum air taic sa bhad.”

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom