The Scotsman

Feumar fhathast dèiligeadh le airgead àiteachais

- ◆ Agus ‘s e briseadh dùil ann dha cuideigin, tha Murray Macleòid ag ràdh

Aig a’ cheann thall, cha robh an còrr a roghainn ann. Le cumhachd nan tuathanach air aon taobh agus gainnead bheachdan air an taobh eile mu dè eile a dh’fhaodar tachairt, dh’fheumadh gèileadh.

Nuair a nochd Humza Yousaf aig coinneimh bhliadhnai­l Aonadh nan Tuathanach, tha fhios gun robh cuideam mòr air rudeigin le susbaint a ràdh.

Ach, gun sgeul air càil phrataigea­ch eile, ‘s e bh’ aige ri innse ach gum biodh cùisean a’ cumail a’ dol an ìre mhath mar a tha, le beagan de thaic a bharrachd dha gnothaiche­an na h-àrainneach­d. Ach, cha robh gu leòr ann airson an càineadh a chumail air falbh agus iadsan a bha an dòchas ri barrachd san t-seagh sin mì-thoilichte.

Ach, co-dhiù, bha e a’ ciallachad­h gum faigheadh e air falbh bho na tuathanaic­h gun cus aimhreit ga chuairteac­hadh… an-dràsta.

Le gainnead adhartais air roghainnea­n sam bith eile, dh’fhaodadh dùil a bhith ris an naidheachd gun tig 70% de dh’airgead àiteachais a chumail mar a bha, sin le pàighidhea­n “dìreach” thuca-san a tha an sàs sa ghnìomhach­as.

Ach, chan e seo deireadh na cùise. Feumar fhathast obrachadh a-mach ciamar a thig barrachd obrach a dhèanamh airson an àrainneach­d a dhion agus aig an aon àm, dèanamh cinnteach gu bheil biadh gu leòr ga àrach ann an seo fhèin.

Leis an t-seòrsa aimsir a tha againn ann an Alba, bu chòir gun gabh a dhèanamh, ach cha bhi e furasta slighe ùr a dhealbhadh, gu sònraichte nuair a tha thu a’ bruidhinn, mar a tha ann an cuid a shuidheach­aidhean, mu dheidhinn companaidh­ean gu math mòr.

Ach, feumar a dhèanamh agus ged a tha na tuathanaic­h an ìre mhath toilichte leis na bh’ aig Yousaf ri ràdh riutha, thig an là fhathast nuair a dh'fheumar a' cheist a fhreagairt gu ceart.

Tha Bile an Àiteachais an-dràsta a’ dol tro Phàrlamaid na h-alba. Bha còir gun robh seo a’ dol a chur an sàs dhòighean ùra maoineacha­idh às dèidh Brexit, ach ochd bliadhna sìos an rathad agus chan eil e idir soilleir, nuair a thig e na lagh, dè dh’fheumas tuathanaic­h is croitearan a dhèanamh airson an t-airgead fhaighinn.

Tha an Riaghaltas ag ràdh gu bheil am bile a dh’aonaghnoth­ach farsaing agus gun obraich iad a-mach na diofar phòitean-airgid nas fhaide sìos an rathad, a-rèir dè na feumalachd­an a bhios ann aig an àm.

No dòigh eile air coimhead ris: ‘s e sin gun robh a’ chùis gu math na bu duilghe na bha iad a’ dèanamh a-mach sa chiad àite agus nach eil fhios aca – fiù ‘s fhathast – ciamar as urrainn a rèiteachad­h gu dòigheil.

Ged a tha na tuathanaic­h an ìre mhath sàsaichte an-dràsta, tha fhios aca nach eil ann an seo ach suidheacha­dh a tha anns an eadar-ama. Tha gu leòr eile, buidhnean àrainneach­d is croitearac­hd, ag iarraidh crathadh bunaiteach air marag an àiteachais agus iad ag ràdh gu bheil cus dheth a’ dol gu na tuathanaic­h mhòra.

Là brèagha a choireigin, agus chan urrainn dha a bhith ro fhad às, feumar seo a rèiteachad­h agus tha a h-uile coltas gur e briseadhdù­il a bhios ann dha cuideigin. Ach dha cò?

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom