The Scotsman

Cothrom caillte eile le plana crìonadh sluaigh

◆ ‘S e a tha a dhith ach gniomh, chan e an tuilleadh faclan, tha Murray Macleoid ag radh

-

Tha mi creid ‘s nach robh dùil ri mòran nuair a chaidh a ràdh gum biodh Riaghaltas na h-alba a’ foillseach­adh plana ùr airson dèiligeadh ri crìonadh-sluaigh anns na coimhearsn­achdan iomallach. Ach fiù ‘s aig a sin, bha e tàmailteac­h cho falamh ’s a bha a’ chùis.

Tha e follaiseac­h gu bheil iad airson a bhith air am faicinn a bhith a’ dèanamh rudeigin, ged nach eil beachd aca dè, agus an uimhir a dhragh a’ tighinn bhon iomall mu àireamhan-sluaigh.

Às dèidh an fhoillseac­haidh a chaidh dhèanamh leis a’ mhinistear Emma Roddick anns A' Ghearsadan Dihaoine ’s a chaidh, ‘s e a chanadh cuid ach: “Innis dhuinn ruidegin air nach eil fios againn,” leis na bh’ aice ri ràdh. Chan e faclan idir a tha dhìth, ach gnìomh agus san t-seagh sin, chan eil mòran ri innse.

Tha an aithisg a’ togail air an t-suidheacha­dh ann an Iapan a tha air nithean a chur air dòigh airson dèiligeadh ri crìonadhsl­uaigh anns na h-eileanan aca fhèin, a’ coimhead ri obair na h-àrainneach­d, turasachd, foghlam agus a bhith ag obair aig an iomall.

Ach, mar a tha an aithisg fhèin a’ mìneachadh, chan eil e idir soilleir an gabh eisimpleir Iapain a chur an sàs ann an seo ann an Alba.

Dè a-rèist ma-thà? Uill, chaidh £180,000 de dh’airgead fhoillseac­hadh eadar Earraghàid­heal, a’ Ghàidhealt­achd is na h-eileanan Siar.

Thuirt Emma Roddick “gum biodh iad a’ coimhead ri stiùireadh ionadail airson nan co-dhunaidhea­n a dhèanamh a-rèir feumalachd­an an t-sluaigh anns na sgìrean aca fhèin”.

‘S dòcha aig an ìre-sa gum bu chòirear leum gu Steòrnabha­gh, far an robh Comhairle nan Eilean Siar a’ dèanamh cho-dhunaidhea­n mu choinneamh a' bhuidseit aca Dimàirt. Bha easbhaidh de £3 millean mun coinneamh, iarraidh mòr airson ùghdarras ionadail beag eileanach.

Aig a’ cheann thall, fhuair iad air a’ chùis a rèiteachad­h le bhith a’ lorg £1.7 millean de ghearraidh­ean ann an seirbheise­an agus £2 millean a thoirt às an stòrassàbh­alaidh aca.

Chan iad an aon chomhairle anns an t-suidheacha­dh seo, le tè às gach ceithir ann an Alba draghail nach fhaigh iad air na prìomh dhleasdana­san aca a choileanad­h agus rabhadh nach bi e fada gus am bi comhairle a choireigin buileach briste bho thaobh ionmhais ann an ùine nach bi fada.

Thuirt ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Pòl Steele, nach urrainn gabhail ris an t-suidheacha­dh-ionmhais, nach urrainn dha leantainn agus gur e an tuilleadh sheirbheis­ean a tha a’ dol a dh’fhulang.

Ged a fhuair iad a-mach às an staing le bhith a’ cleachdadh stòras nan sàbhalaidh­ean, cha mhair seo ro fhada agus gun ach £2 mhillean air fhàgail. Mar a tha cùisean, tha a h-uile coltas gu falbh e aig an-athbhuidse­at.

‘S ann anns a’ chotheacs seo a bu chòirear na faclan air crìonaidh sluaigh a’ mhinisteir a mheas agus an cleas gun tig na co-dhùnaidhea­n a dhèanamh aig ìre ionadail. Leis cho mòr ‘s a tha an roinn phoblach a’ fulang, cò bhios air fhàgail airson nan co-dhùnaidhea­n sin a dhèanamh, gun ghuth a ràdh mu dheidhinn sporanan gun sgillin ruadh?

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom