The Scotsman

Chaidh luchd na Gàidhlig an leigeil sìos gu mòr

- ◆ Thèid cron a dhèanamh le bhith gearradh taic, tha Murray Macleòid ag ràdh

Bithear tric a’ cluinntinn gu bheil poileataig­s mu dheidhinn a bhith a’ dèanamh taghadh eadar suid, seo ‘s an-ath-rud. No, ‘s dòcha ann an suidheacha­dh far a bheil an sporan poblach cho gann, mar a tha gun teagamh an-dràsta, ‘s e d’ inntinn dèanamh an àirde cò tha a’ dol a dh’fhaighinn a’ bhrisidh-dhùil as motha.

Ann an suidheacha­dh dhen t-seòrsa sin, cha bhi farmad aig mòran dhan luchd-phoileatai­gs, gu h-àraid dhaibh-san air a bheil an t-uallach na co-dhùnaidhea­n cruaidh is duilich sin a dhèanamh.

Ach bhiodh e na chuideacha­dh nach beag – dha-rìribh ciallach – ma tha an làmh cheart is an làimh chlì ag obair còmhla; mura h-e teachdaire­achd chaochlaid­each a tha iad a’ toirt seachad dhan t-sluagh.

Bhon taobh a-muigh agus dha cuid, ‘s dòcha gu bheil mì-thoileacha­s na coimhearsn­achd Gàidhlig ri gearraidhe­an an Riaghaltai­s beagan neochothro­mach. Nach bu chòir dhaibh, mar a h-uile roinn eile, an cuibhrean fhèin dhen dhuilghead­as a ghiùlan?

Tha bunait mhoralta air a sin. Ach, ‘s e an duilgheada­s gur e dealbh gu math diofraicht­e a bha an Riaghaltas fhèin a’ toirt seachad.

Bha a h-uile coltas gun robh iad air gabhail ris, mu dheireadh thall, gum feum mòran a bharrachd a dhèanamh airson an cànan a shàbhaladh mar chànan coimhearsn­achd anns na sgìrean traidisean­ta.

Dha-rìribh, bha Bile nan Cànanan Albannach, a thàinig a-mach aig deireadh 2023, a’ cur prìomhacha­s air “sgìrean cànain brìghmhor” far an robh a’ Ghàidhlig bitheanta gu bho chionn ghoirid. Chan eil agus cha robh e builleach soilleir dè dha-rìribh a bha seo a’ ciallachad­h. Ach, gu cinnteach; cha robh dùil aig duine gum biodh e a’ ciallachad­h gum feumadh roinnean eile dhen Ghàidhlig fulang ri linn.

Ann an 2021/2022, thug Riaghaltas na h-alba àrdachadh de £400,000 sa bhliadhna dha Bòrd na Gàidhlig; a' bhliadhna às dèidh sin £500,000 agus ann an 2023/2024 £354,000.

Cha b’ e fialaidh mhòr sam bith a bh’ air a chùlaibh ach tuigse gum feumadh Bòrd na Gàidhlig tòrr a bharrachd taice airson nan dleasdanas­an aca a choileanad­h agus a’ Ghàidhlig a dhìon mar rud prìseil do chultar na h-alba. Ach, bha a h-uile coltas gun robh àrainneach­d thaiceil ga cruthachad­h.

Agus an t-seachdain-sa, thàinig am buille chruaidh, a-mach às an adhar cha mhòr, gun tig £354,000 a thoirt bho Bhòrd na Gàidhlig sa bhliadhna a tha romhainn.

An coimeas ri buidseat farsaing Riaghaltas na h-alba ‘s mòr as fhiach e. Cha phàigheadh e fiu ‘s airson còta-peant air an Glen Sannox.

Ach dhan Ghàidhlig, bheir e buaidh mhòr. Thuirt Bòrd na Gàidhlig gum feumadh iad cur às do dhithis oifigearan planaidh-cànain agus oifigear foghlaim, a thuilleadh air lìonradh de dh’oifigearan leasachaid­h air feadh Alba.

‘S beag an t-iongnadh gu bheil luchd na Gàidhlig air an tàmailteac­hadh agus feargach.

Tha Riaghaltas na h-alba ag ràdh gu bheil iad fhathast taiceil dhan chànan. ‘S dòcha gur e sin a tha aon làmh ag ràdh. ‘S e duan gu math eadar-dhealaicht­e a th’ aig an làimh eile.

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom