The Scotsman

Tha ceist an fhearainn air gluasad

- ◆ Ach chan eil e soilleir an tig an t-atharracha­dh bunaiteach, le Murray Macleòid

Tha gluasadan air fearann mar busaichean. Tha thu feitheamh fada son aon, ‘s thig an uairsin dhà aig an aon àm.

A-thaobh Clàr nan Daoine aig a bheil Ùidh Buadhmhor ann am Fearann, tha e furasta gu leòr a thuigs' carson nach biodh mòran ùidh ann. Tha an tiotal gu leòr airson an duine as fheàrr a chur na shuainchad­al.

Ach bu chòir tòrr a bharrachd mothachaid­h a bhith ann mu dheidhinn. Chan eil ach beagan is coladeug ri dhol gus am feum a h-uile duine air an toir an lagh ùr seo buaidh an gnothach aca a chlàradh gu h-oifigeil, no thèid càin de £5,000 a chur orra.

Tha an clàr mar dhòigh air barrachd solas na grèine a dheàrrsadh air siostam an fhearainn: cò leis a tha dè agus càite, agus cò iad a tha a’ laighe air cùl ghnothaich­ean.

Cò a-rèisd air an toir an clàr a tha seo buaidh? Tha duilgheada­san laghail mu chò dh’fheumas a dheànamh agus le sin, bu chòirear comhairle iomchaidh a shireadh.

Ach, mar eisimpleir, chan fheum buidheann sam bith a tha air an cruthachad­h mar chompanaid­h earranta idir a dheànamh, bhon a tha iad sin air an stèidheach­adh air gnothach a tha an ìre mhath fosgailte co-dhiù.

Ach, dha oighreachd­an mòra a tha air an ruith le urrasan stèidhicht­e ann an dùthchanna­n thall-thairis, gu cinnteach, feumaidh, no bu chòir, ged a tha ceist an deàn.

Tha e mar phàirt dhen amas a th’ aig Riaghaltas na h-alba crathadh buaniteach a thoirt air cò leis a tha am fearann tro bhith ag athnuadhac­hadh an t-siostaim agus e a’ tighinn nuair a chaidh Bile Ath-leasachaid­h an Fhearainn a chur air beulaibh na pàrlamaid an-dè.

Tha an clàr na cheum air adhart agus tha cuideachd am pìos a tha anns am Bile a tha ag ràdh nach fhaodar oighreachd­an nas motha na mìle heactair a reic gun measadh a dheànamh air dè bhuaidh a bhiodh aige sin air a’ choimhears­nachd.

Tha am Bile cuideachd ag iarraidh air uachdaran an fhearann aca a chur gu feum ann an dòigh a tha “leanntainn prìomhacha­san poblachd”, ged a tha furasta fhaicinn gum faod craobhan a bhith nan pàirt dhen sin, rud nach cord idir ri mòran.

Tha an t-airgead airson na sgeamaiche­an mòra sin a’ tighinn bhon Riaghaltas, ged nach eil na coimhearsn­achdan a’ faicinn sgillin dheth.

Tha fhios g’eil tòrr dhen seo air a bhogadh ann an ceistean mòra laghail.

Mar eisimpleir leis an clàr fhèin. Chan eil an càin de £5,000 gu bhith ach airson an aon uair agus dè a-rèisd dhan fheadhainn a tha deònach an cùlaibh a chur ris?

Tha e a’ fàgail a' chunnairt dha na h-oighreachd­an mòra, le companaidh­ean stèidhicht­e thall-thairis, nach gabh iad feart ris; gum b’ fheàrr leotha an càin de £5,000 a phàigheadh gus fuireach san dorachadas. Abair gum bi ùidh aig luchd nan cìsean ma thig iad a-mach dhan t-solas.

‘S e ceum air adhart a tha anns a' chlàr agus anns am Bile cuideachd. Ach, a-thaobh an atharracha­dh bhunaiteac­h a tha dhìth, chan eil sin idir cho cinnteach, nuair a smaoiniche­as thu cho duilich ‘s a tha e air a bhith gu seo adhartas sam bith a dheànamh.

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom