The Scotsman

Tha làn àm aig luchd na Gàidhlig dhol air an casan

◆ Tha iad air a bhith ann am bruadair g’eil cùisean ceart gu leòr, le Murray Macleòid

-

Se bliadhnaic­hean gu math inntinneac­h a bha anns na 70an, bho thaobh poileataig­s agus ciùil, agus bha sin cuideachd f ìor mun Ghàidhlig fhèin agus an dùsgadh a bha a’ dol air adhart.

Tha cuid againn òg gu leòr airson a bhith an urra ris na tha aig daoine eile ri ràdh mu dheidhinn, ach a-rèir choltais, ‘s e àm gu math beòthail a bh’ ann; le oileanaich bho na h-eileanan a’ dol air an casan mun chànan, ’s iad ‘s dòcha air am misneachad­h leis na bha a’ dol air adhart san dùthaich air fad.

‘S e saoghal eile a bh’ ann, tha fhios. Bha am beagan craoladh Gàidhlig a bh’ ann air telebhisea­n anmoch air an oidhche, air a bhrùthadh ann an oisean gus nach tigeadh e san rathad air a’ Bheurla. Cha robh ann am foghlam tro mheadhan na cànain ach na aisling ann an inntinn an duine as dòchasaich­e.

‘S ann a-measg seo a thòisich ginealach de Ghàidheil òga a’ dol air an casan; cha robh iad deònach an suidheacha­dh far nach robh ceartas ga thoirt dhan Ghàidhlig a leigeil air adhart.

Chaidh èigheach a dhèanamh, chaidh caismeachd­an a chur air dòigh, chaidh iomairtean poblach a dhèanamh aig a' BHBC ann an Glaschu.

Ma bhruidhnea­s tu riutha-san a bha an sàs ann – mòran aca a chaidh air adhart gu àrd-dreuchdan ann an saoghal na Gàidhlig – ‘s e làithean brèagha a bh’ annta.

Tha ceist mu dè dìreach a’ bhuaidh a bha aca, ach gun teagamh sam bith, thàinig atharracha­dh mòr.

Thàinig leudachadh, gach cuid ann am foghlam na Gàidhlig agus ann an saoghal a’ chraolaidh, le Comataidh Craolaidh na Gàidhlig ga stèidheach­adh ann an 1991 le buidseat de £9 million, ceum mòr a bha mar bhunait air BBC ALBA an-diugh.

Tha àmannan eile ag iarraidh freagairte­an eile, ach ‘s dòcha g’ eil an t-àm ann spiorad nan 70am a dhùsgadh airson còirichean na Gàidhlig a sheasamh a-rithist. Tha starsach ùr ann a-nis agus chan eil e idir soilleir gur e adhartas a thig air an taobh eile.

Aig Coinneamh Bhliadhnai­l a’ Chomuinn Ghàidheala­ich air an deireadh-sheachdain, thuirt ceann-suidhe na buidhne, Magaidh Choineagan, gum bu chòir do na buidhnean Gàidhlig gu lèir a dhol air an casan mu na gearraidhe­an a tha air tachairt.

“Chan fhaca mise an uimhir de dh’fhearg mu chàil timcheall na Ghàidhlig airson ùine fhada,” thuirt i, agus lìonradh de dh’oifigearan Gàidhlig a' dol a chall an cuid obrach ri linn gearradh de £354,000 ann am buidseat Bòrd na Gàidhlig. Abair masladh son suim cho beag.

“Dèamfeumat­haann an Bile nan Cànan mura h-eil airgead ann agus gearraidhe­an gan dèanamh anns na coimhearsn­achdan Gàidhlig?”

‘S fhiach stad agus meòrachadh mionad air cò bhuaithe a tha na faclan a tha seo a’ tighinn.

Bha Magaidh fhèin a-measg nan oileanach sin a sheas cho treun an cuid chòirichea­n, ginealach no dhà air ais.

Tha luchd na Gàidhlig, eu-coltach ria na h-oileanaich sin, air a bhith ro bhalbh airson ro fhada, nan suain ann am braudair g’ eil cùisean gu math ‘s gun tig an tuilleadh adhartais. Tha làn àm dùsgadh.

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom