The Scotsman

Chan eil àrdoifigea­r ùr dol a dhèanamh diofar

◆ ‘S e tha dhìth air Calmac ach crathadh bunaiteach, le Murray Macleòid

-

Cha bhi mòran anns na h-eileanan no na coimhearsn­achdan a tha Calmac a’ frithealad­h a bhios a’ caoidh an naidheachd g’ eil àrdoifigei­r na companaidh Robbie Drumainn air a dhreuchd a leigeil dheth. An dèidh sin, cha bu chòir idir a’ choire airson tro-chèile na seirbheis fhàgail gu lèir air an starsach aige-san.

Nuair a smaoiniche­as tu dè as coireach gu bheil cùisean air a dhol a dholaidh sna beagan bliadhnaic­hean a chaidh seachad – ’s e sin dìth soithichea­n is an fheadhainn a tha ann air fàs ro shean – tha e caran neònach gur e seo an t-aon duine am measg an iomadach àrd dreuchd a tha air falbh.

Cha robh na gnothaiche­an mòra a tha air a bhith a’ toirt uimhir a’ bhuaidh air cùisean fo na dleastanas­an aige-san.

Ann am brath oifigeil, thuirt a’ chompanaid­h g’ eil e falbh “anns a’ bhad”, a’ fàgail amharas nach ann buileach le thoil a tha e a’ teicheadh.

Cò bhuaithe a-rèist a thàinig seo: an ann bho bhòrd-stiùiridh Aiseagan Chalmac fhèin, no an ann bhon chompanaid­h a tha os an cionn, Daibhidh Macbrayne Earranta, no an fheadhainn a tha os cionn a’ ghnothaich gu lèir, ministeara­n Riaghaltas na h-alba? Agus carson an-dràsta? Chan eil fhios ’am am faigh sinn a-chaoidh freagairt shoilleir air a sin, fiù ’s ged is a tha sinn a’ bruidhinn mu bhuidhnean poblach.

Às bith dè cho math no cho dona ’s a bha Robbie Drumainn, gu deimhinne bha dùbhlain ma choinneimh. ’S e esan a bha os cionn nan aiseagan a ruith bho là gu là, ach cha robh làmh aige a thaobh dè na h-aiseagan a bh’ aca airson sin a dhèanamh. Bha sinn fo stiùir CMAL agus dh’fheumadh Calmac na h-aiseagan fhaighinn bhuapa-san air màl tro riaghailte­an a’ chùmhnaint. Le sin, ’s e droch làmh a bh’ aige.

A bharrachd air cion aiseagan san fharsainge­achd, bha iad tric a’ briseadh sìos. Bha sin a’ ciallachad­h gu feumadh na h-aiseagan a bha ag obair an toirt bho na slighean àbhaisteac­h airson seirbheise­an eile a chumail a’ dol, rud nach robh riamh gu bhith seasmhach agus a dh’adhbhraich aimhreit gu leòr am measg choimhears­nachdan.

Chan urrainn gun iomradh a thoirt a bharrachd air naidheachd mhòr eile na seachdain sa chaidh mu àrd-oifigeir eile a chaidh a chur às a dhreuchd. Sin Daibhidh Tydeman, aig gàrradh togail Mhicfhearg­hais, agus gun stad air an dàil air an dà aiseag ùr a thathas a’ togail ann an sin.

Bha Riaghaltas na h-alba ag ràdh nach robh gnothaich aca-san ris a’ chodhùnadh a’ bhròg a thoirt dha, gur e gnothaich a bh’ ann dhan bhòrd-stiùiridh aca fhèin a-mhàin. Seadh, seadh, nach math an aineolas.

Tha a h-uile càil a tha seo a’ ciallachad­h g’ eileas a-nis a’ coimhead airson dà àrd-oifigear ùr: aon airson crìoch a chur air na h-aiseagan ùra agus aon airson na seirbheise­an a ruith air feadh na lìonra.

’S fhada bho bha e soilleir nach b’ urrainn dha cùisean cumail a’ dol mar a bha. Ach, ’s e tha dhìth ach crathadh bunaiteach agus chan e dìreach sgiobair no dhà ùr anns na dreuchdan stiùiridh.

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom