The Scotsman

Tha cothroman mòr ann an cumhachd uaine

◆ Ach, feumaidh iad a bhith air an roinn a-mach gu ceart, le Murray Macleòid

-

Tha e furasta gu leòr a thuigse carson a chaidh uimhir de ghàirdeach­as a dhèanamh ris an naidheachd g’ eil “port uaine” dhan Ghàidhealt­achd air a thighinn ceum nas fhaisge.

Le dòchas gun tèid 10,000 obair a chruthacha­dh agus teachd a-steach de £3 billean, tha mòran a’ coimhead air adhart gu mòr ris a’ pròiseact seo a thoirt beò.

Fiù ’s dha coimhearsn­achdan mar Neig agus Ard nan Saor, a fhuair buannachd nach beag bho ola a’ Chuain a Tuath, ’s e rud mòr a bhios ann, a’ chiad eisimpleir shoilleir mu na dh’fhaodas a thighinn tro chothroman cosnaidh ann an roinn na cumhachd uaine.

Ged a tha am pàirt seo dhen dùthaich air buannachd gu leòr fhaicinn gu h-eachdraidh­eil, tha iad cuideachd air fulang bhon chrìonadh a tha air a thighinn bho chionn ghoirid, na seann chruinnola a tha nan seasamh nan cnapan meirge ann an Linne Chrombaigh nan eisimpleir air an atharracha­dh tha dol a thighinn agus a tha air tighinn.

Ach, dha mòran choimhears­nachdan eile chan eil ann ach an t-seann duan. Nuair a bheir thu sùil air fàs Inbhir Nis, cha chanadh tu g’ eil taic a dhìth agus aig an aon àm tha na coimhearsn­achdan nas fhaide a-muigh air an iar a’ fulang le crìonadh sluaigh agus cion chothroman obrach.

’S dòcha g’ eil adhbharan matha carson a tha pròiseact na puirt uaine gu bhith stèidhicht­e mu thimcheall Linne Mhoireibh is Inbhir Nis – cothrom air cidhichean agus bun-structair eile – ach bu chòir na h-ùghdarrasa­n a bhith smaoineach­adh mu ciamar a thèid na buannachda­n a sgaoileadh nas fhaide na crìochan an Eilein Dhuibh. ’S chan eil sin idir mu dheidhinn a bhith toirt an luchd-obrach air falbh bho àitichean eile, mar a tha air a bhith a’ tachairt fad iomadach ginealach.

Fhad ’s a tha port uaine na Gàidhealta­chd a’ gluasad nas fhaisge, tha suidheacha­dh eile a’ tighinn am bàrr nas fhaide thall air an iar.

Tha aon de na tuathangao­ithe mara a tha san amharc gu bhith trì mìle bho chosta Leòdhais. Le sin, shaoileadh tu gum biodh còmhradh gu leòr ga dhèanamh leis a’ choimhears­nachd ionadail, ach an àite sin chan eil ach beàrn mhòr far a bheil còir aig fiosrachad­h a bhith.

Tha an companaidh a tha air cùlaibh a’ phròiseict, Northland à Canada, ag ràdh g’ eil buannachda­n gu bhith ann dhan choimhears­nachd, ach chan eil fhios aig duine cò ris a tha sin gu bhith coltach.

Dhiùlt croitearan ann an Siabost cead a thoirt dhan chompanaid­h am fearann aca a chleachdad­h son crann aimsir a stèidheach­adh agus tha seo a’ daingneach­adh nam faireachda­inn nach eil an companaidh air gu leòr a dhèanamh son daoine a thoirt leotha.

Dìreach mar port uaine na Gàidhealta­chd, tha e a’ sealltainn cho cudromach ’s a tha e gun tig na buannachda­n a sgaoileadh a-mach gu rèidh agus gu cothromach, gu h-àraidh dhan fheadhainn is feumaiche air. Ach, mar a tha cuisean a’ coimhead, cha deach na leasanan ann an eachdraidh idir ionnsachad­h.

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom